O chì, chì mi na mórbheanna O chì, chì mi na córrbheanna O chì, chì mi na coireachan Chì mi na sgoran fo chèo verse 1 Chì mi gun dàil an t-àite 's an d'rugadh mi Cuirear orm fàilt' 's a' chànain a thuigeas mi Gheibh mi ann aoidh agus gràdh 'n uair ruigeam Nach reicinn air thunnaichean òir O chì, chì mi na mórbheanna O chì, chì mi na córrbheanna O chì, chì mi na coireachan Chì mi na sgoran fo chèo verse 2 Chì mi ann coilltean, chì mi ann doireachan Chì mi ann maghan bàna is toraiche Chì mi na féidh air làr nan coireachan Falaicht' an trusgan de chèo O chì, chì mi na mórbheanna O chì, chì mi na córrbheanna O chì, chì mi na coireachan Chì mi na sgoran fo chèo verse 3 Beanntaichean àrda is àillidh leacainnean Sluagh ann an còmhnuidh is còire cleachdainnean 'S aotrom mo cheum a' leum g'am faicinn Is fanaidh mi tacan le deòin O chì, chì mi na mórbheanna O chì, chì mi na córrbheanna O chì, chì mi na coireachan Chì mi na sgoran fo chèo O chì, chì mi na mórbheanna O chì, chì mi na córrbheanna O chì, chì mi na coireachan Chì mi na sgoran fo chèo Chì mi na sgoran fo chèo Chì mi na sgoran fo chèo
Watch the song video
Top songs from Misc Traditional
I'm Learning How To Lean And Depend On Jesus
I Came To Praise The Lord
Jag Har Hört Om En Stad Ovan Molnen
On Mother Kellys Door Step
Aaj Khelo Shyam Sang Hori
English Country Garden
Paintbox Cauliflowers Fluffy
Tokko Partiomieles
A Rindvieh
Bp-spirit